Ho Rò Mo Nighean Donn Bhòidheach
Lyrics:
Sèist
Ho rò mo nighean donn bhòidheach,
Hi rì mo nighean donn bhòidheach,
Mo chaileag laghach bhòidheach,
Cha phòsainn ach thu.
A nighean dhonn nam blàth-shùil
Gur trom a thug mi gràdh dhut;
Tha d' ìomhaigh, ghaoil, is d' àilleachd
A ghnàth tighinn fom ùidh.
Cha cheil mi air an t-saoghal
Gu bheil mo mhiann 's mo ghaol ort;
'S ged chaidh mi uat air faondradh
Cha chaochail mo rùn.
Nuair bha ann ad làthair
Bu shona bha mo làithean
A' sealbhachadh do mhànrain
Is àille do ghnùis.
Gnùis aoigheil, bhanail, mhalda,
Na h-òigh is caomha nàdar,
I suairce, ceanail, bàidheil,
Làn gràis agus mùirn.
Ach riamh on dh'fhàg mi d' fhianais
Gu bheil mi dubhach, cianail;
Mo chridhe trom ga phianadh
Le iargain do ghnùis.
Ge lurach air a' chabhsair
Na mnathan òga Gallta,
A rìgh, gur beag mo gheall-s'
Air bhith sealltainn 'n an gnùis.
'S ann tha mo rùn 's na beanntaibh,
Far bheil mo rìbhinn ghreannar,
Mar ròs am fàsach shamraidh,
An gleann fad o shùil.
Ach nuair a thig an samhradh
Bheir mise sgrìob don ghleann ud,
'S gun tog mi leam don Ghalltachd
Gu h-annsail am flùr.