Back

Hù a Hò Gum b' Èibhinn Leam

Lyrics:

Hù à hò, gum b' èibhinn leam,
A chluinntinn mar a dh'èirich dhuibh
'S ann labhair thu 'n Dun Èideann riuth'
Ratreut nach biodh nad champa.

Tha Uilleam Boyd 's gur h-àiridh e
Air Beirgheaslom gu Carragraidh
An Goirtean Geal 's am Beannachan
Gu leathad bruthach Hamhstail.

Tha Dòmhnall Iain shìos a sin
'S chan eil e doirbh a riarachadh;
Gu fòghnadh an Ùidh Riabhach dha
'S e math gu feurach ghamhna.

Tha Eògan ann an Eòrasdal
O, saoil sibh nach e Tòraidh e?
'S mar bidh e fo lagh Dhòmhnaill
'S ann a bhòtas sinn 'n a' Ghleann e.

Tha todhar na Tràigh Tuath agaibh
A-mach gu Caolas Shnuasamoil
'S tha Ùidh Nistein fuaighte ris
'S an uaigh aig Mòr nan Ceann ann.

Tha 'n Caolas math gu bàrr agaibh
Tha stac air Port a' Bhàt' agaibh
'S gun cruadhaich sibh an gràn aige
San àthaidh a bh' aig Melvin.

Hù à hò, gum b' èibhinn leam,
A chluinntinn mar a dh'èirich dhuibh
'S a labhair thu 'n Dun Èideann riuth'
Ratreut nach biodh nad champa.