Back

Hug Ì Ho Rò, Hug O Ro Èile

Lyrics:

Sèist

Hug ì ho rò, hug o ro èile
Hug ì ho rò, hug o ro èile
Hug ì ho rò, hug o ro èile
Ma bhios mi buan don taobh tuath gun tèid mi.

Gur truagh nach mise bha 'n tìr mo chàirdean
An tìr bheil m' eòlas, tìr bhòidheach àlainn,
Tìr mhachrach bhiadhar, tìr fhialaidh fhàsmhor
Tha beannachd Dhia air gach nì tha fàs innt'.

Tha crodh is caoraich air raointean fàsail
Na laoigh 's na h-uain ruith mun cuairt ag aileis,
Tha iasg is sgadan gu tric gan tràladh
'S cearc-fhraoich is liath-chearc air sliabh sa Bhràighe.

Thoir beannachd bhuamsa don t-sluagh tha 'n Geàrrloch
Fir thapaidh uallach, fir uasal shàthmhor,
An car no 'n cruadal air cuan no blàran
Nuair nì iad gluasad bidh buaidh nam fàbhar.

Thoir beannachd dùbailte gu mo mhàthair
Is innis le dùrachd dhith mar a tha mi,
Tha 'n Tì tha riaghladh toirt biadh gach là dhomh
'S a ghàirdean siorraidh gam dhìon bhon nàmhaid.