I Bhi À Da / M' eudail air do shùilean donna / 'S i eilean nam bothan nam bothan
Lyrics:
Sèist
I bhi àda u a idalan a
I bhi àda adar idar ù a
I bhi àda u a idalan a
I bhi àda adar idar ù a.
Ciamar a ruidhleas mo nighean 's dithis as an rathad oirre
Ciamar a ruidhleas mo nighean 's ceathrar air an ùrlar
Ciamar a ruidhleas mo nighean 's dithis as an rathad oirre
Ciamar a ruidhleas mo nighean 's ceathrar air an ùrlar.
'S iomadh rud a chunna mi, 's iomadh rud a rinn mi
'S iomadh rud a chunna mi a-muigh air feadh na h-oidhche
'S iomadh rud a chunna mi, 's iomadh rud a rinn mi
'S iomadh rud a chunna mi a-muigh air feadh na h-oidhche.
Chunna mi na piseagan, na piseagan, na piseagan
Chunna mi na piseagan air spiris Mac an t-Saighdeir
Chunna mi na piseagan, na piseagan, na piseagan
Chunna mi na piseagan air spiris Mac an t-Saighdeir.
Chunna mi na cudaigean, na cudaigean, na cudaigean
Chunna mi na cudaigean a' cluich air Allt na Muilne
Chunna mi na cudaigean, na cudaigean, na cudaigean
Chunna mi na cudaigean a' cluich air Allt na Muilne.
Sèist
M' eudail air do shùilean donna
'S air do chùl, 's air do bhodhaig
M' eudail air do shùilean donna
'S air do bhodhaig bhòidhich.
Ged a bhiodh an geasag ort
Ged a bhiodh tu gòrach
Ged a bhiodh an geasag ort
Gun dèanainn fhìn do phòsadh.
Pòsaidh mi dha-rìribh
Pòsaidh mi dha-rìribh
Pòsaidh mis' an gille bàn
Ma tha e 'g ràdh na fìrinn.
Am bothan a bh' aig Fionnghuala
Ars an gobha fuiricheamaid
Ars an gobha falbhamaid
Ars an gobha leis an othail
Na sheasamh aig doras an t-sàbhail
Gu rachadh e shuirghe.
Sèist
'S i eilean nam bothan nam bothan
Eilean nam bothan nam bothan
Eilean nam bothan nam bothan
Am bothan a bh' aig Fionnghuala
'S i eilean nam bothan nam bothan
Eilean nam bothan nam bothan
Eilean nam bothan nam bothan
Am bothan a bh' aig Fionnghuala
Bheirinn fead air fulmaire
Bheirinn fead air falmaire
Liughannan beaga na mara
Bheireamaid greis air an tarraing
Na maireadh na duirgh dhuinn.
Cha d' fhuair sinn dad ann a' seo
Cha d' fhuair sinn dad ann a' seo
Cha d' fhuair sinn dad ann a' seo
Càil ach racadail na duirgh dhuinn.
O nach tigeadh carbhanach
O nach tigeadh carbhanach
Mursgainn is liabagan glas
A bheireadh na dubhain on fheamainn
Na maireadh na duirgh dhuinn.