Back
Iain Mac 'ic Fhionghain
Lyrics:
Sèist
Iain Mac 'Ic Fhionghain,
Fhuair e 'n t-urram dhe na bh' ann;
Dhannsadh e, leumadh e,
Dh'èireadh e, fhuair e 'n t-urram,
Ruidhleadh e, dhannsadh e,
Fhuair e 'n t-urram dhe na bh' ann.
Ri linn Banrìgh Màiri,
'S am blàr a bha an Sliabh an t-Siorraim,
Chan fhaca mi saighdear
A dh'fhaighnichte romhad thall.
'S thèid thu ann an ruidhle
Cho cinnteach ri gin an Uibhist,
Modhannan sgoil-dannsaidh
'S gun aimhreit a' dol nad cheann.
Drumaireachd is fìdhlearachd
Is pìobaireachd nan danns cuimir,
'S na feadannan siùbhlach,
'S an tùchan de chiùil mu m' cheann.