Idal Udal / A-Null Thar Nan Eileanan
Lyrics:
Sèist
Idal udal tilg an cuigeal,
Idal udal Ìna,
Idal udal tilg an cuigeal,
Cuide ri Catrìona.
Idal udal tilg an cuigeal,
Idal udal Ìna,
Idal udal tilg an cuigeal,
Cuide ri Catrìona.
Cuide rithe dèanamh rolaig,
Cuide rithe snìomhadh,
Cuide rithe dèanamh rolaig,
Cuide rithe snìomhadh,
Cuide rithe dèanamh rolaig,
Cuide rithe snìomhadh,
Cuide rithe dèanamh mhogan
'S osain mholach rìomhach.
Cuide rithe 'n crò nan gobhar,
Cuide rithe sna dìgean,
Cuide rithe 'n crò nan gobhar,
Cuide rithe sna dìgean,
Cuide rithe 'n crò nan gobhar,
Cuide rithe sna dìgean,
Cuide rithe danns' a' chlobha,
Ogha Bhaldai Chìobair.
A-null thar nan eileanan dh'Ameireagaidh gun tèid sinn,

A-null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann.
'S e siud am port a bh' againne dol seachad air Dùn Èideann,

Tha pìoban gan spreigeadh agus feadanan gan gleusadh,

A h-uile fear le it' na bhonaid, sporan air is fèileadh.
B' e siud na gillean togarrach, b' e siud na gillean èibhinn,

B' e siud na gillean sgiobalta is b' iollagach an ceuman.
Mun d' fhàg sinn crìochan Shasainn is a dhealaich sinn ri chèile,

Gum b' aighearach na caileagan a' crathadh an cuid bhrèidean.