Back

Ille Dhuinn On Dh'fhàg Thu Mise

Lyrics:

Ille dhuinn, on dh'fhàg thu mise,
'Ille dhuinn, on dh'fhàg thu mi,
'Ille dhuinn, on rinn thu m' fhàgail,
Soiridh slàn leat, ghràidh mo chridh'.

Còig bliadhn' deug a dh'aois a bha thu
A' chiad uair a dh'fhàg thu mi,
'S e mo chridhe-sa fhuair fhàsgadh,
'S neònach nach do dh'fhàs mi liath.

Gur muladach a rinn thu m' fhàgail,
Gur muladach a dh'fhàg thu mi,
Tha mi 'n-diugh am freasdal Màiri,
Dhan t-seachdnar a dh'àraich mi.

'S iomadh màthair tha fo smalan,
Agus leannan tha gu tinn,
Bhon latha sheòl am Metagama,
Leis na balaich às an tìr.

'S iomadh oidhche 's càch nan cadal,
Aig an teine 's mi leam fhìn,
Chluinninn fuaim do chois tigh'nn dhachaidh
'S bhiodh tu gabhail duanag ghrinn

Cha do chreid mi riamh an fhìrinn,
'S tu ga h-innse dhomh le cinnt',
Gus do shìn thu, ghaoil, do làmh dhomh,
"Seo, a mhàthair, beannachd leibh."

'S ann nam sheasamh aig an doras,
Bha mi coimhead às do dhèidh,
Seachad Ruaidheabhal nan gearrach,
Anns a' charbad aig Maclean.

Thug thu m' aire far a' chadail,
Ged rachainn dhan leabaidh sgìth,
Thug thu m' aire far mo chàirdean,
Thug far clann mo mhàthar fhìn.

Nuair a thèid mi chun a' chladaich,
Is a chì mi 'n Cuan an Iar,
Bàrr air tha cho geal ri faoileig,
Saoil a bheil mo ghaol-sa tinn.

Cha chluinn mi do ghuth, a Dhòmhnaill,
Beul nan òran bha leam binn,
Ach ag èisteachd eòin an adhair,
'S guil na h-eala air Loch Bì.