Back

Ionndrainn Phaibil

Lyrics:

Sèist

Tha mi falbh air thuras, mulad air mo bhualadh
Thèid mi sgrìob do Phaibil ged is fhada bhuam e,
Tha mi falbh air thuras, mulad air mo bhualadh.

Saoil nach mi bha brònach air feasgar a' bhòn-raoir
'S mi faicinn tìr m' òige bhon chòmhdach bu dual dhith.

Chì mi mar a b' àill leam Sanndaigh is Creag Hàstainn
Len cuid leòidean àlainn, bhiodh na bàird a' luaidh orr'.

Tobhtag a Mìneadh, b' anns' leam bhith ga dhìreadh
B' aotrom ghearrain sìnteig nuair a dhìrinn suas e.

Fearann torrach tairbheach eadar sliabh is fairge
Machraichean fo sheamraig 's garbhlaichean fo luachair.

Tìr nam mnathan bàigheil, bheireadh biadh don ànrach
'S na fir chòire làidir a thug gràin don tuasaid.

Tìr nan òighean banail aig gach luadh is banais
Cha bhiodh aon dhiubh falamh gun leannan ri gualainn.