Is Toigh Leam a' Ghàidhealtachd
Lyrics:
Is toigh leam a' Ghàidhealtachd, 's toigh leam gach gleann,
Gach eas agus coire an dùthaich nam beann.
Is toigh leam na gillean nan èideadh glan, ùr;
Is bonaid Ghlinn Garaidh mun camagan dlùth.
Is toigh leam nan deis' iad om mullach gum bonn,
Am breacan, an t-osan, an sporan 's an lann;
Is toigh leam iad sgeadaicht' an èideadh an tìr',
Ach 's suarach an deise, seach seasmhachd an cridh'.
Sheas iad an dùthaich 's gach cùis agus càs,
Duais-bhrathaidh cha ghabhadh ged racht' an cur bàs;
'S ged shàraicht' an spiorad 's ged leagteadh an ceann,
Bha 'n cridhe cho daingeann ri carraig nam beann.
Is toigh leoth' na h-ìghneagan 's b' ainneamh an t-àm
Nach bithinn nan cuideachd nuair gheibhteadh bhith ann;
'S nam faighinn-sa tè dhiubh à dùthaich mo chridh'
Gun siùbhlainn-sa leatha gu iomall gach tìr'.
Is toigh leam a' Ghàidhlig, a bàrdachd 's a ceòl:
Is tric thog i nìos sinn nuair bhitheamaid fo leòn,
'S i dh'ionnsaich sinn tràth ann an làithean ar n-òig',
'S nach fàg sinn gu bràth gus an laigh sinn fon fhòid.
Is toigh leam na cleachdaidhean ceanalt' a bh' ann,
Na biodh iad air dhiochuimhn' a-nis aig a' chloinn;
An coibhneas, an càirdeas, am bàidh is an t-eud
Thug cliù dhaibh 's gach dùthaich fo chùirtean nan speur.
Nis tha dùthaich ar gaoil dol fo chaoraich 's fo fhèidh;
Sinn gar fuadach thar sàile mar bhàrrlaich gun fheum;
Ach thigeadh an cruaidh-chàs, 's cò sheasas an stoirm?
O cò ach na balaich lem boineidean gorm?
Cò sheas ris na Frangaich ri àm Waterloo?
'S an Russia, chur Alma gu h-ìosal san ùir?
Cò, anns na h-Innsean, thug saorsa don t-sluagh?
O cò ach na Gaidheil bho dhùthaich nam buadh.
Canar an gaisge san domhan mun cuairt
Air sgiathaibh na gaoithe ga sgaoileadh thar chuan;
Is fhad 's a bhios rìoghachd na seasamh air fonn
Bidh cuimhne gu dìlinn air euchdan nan sonn.
'S ma rùisgear an claidheamh a-rithist gu strìth
Ged 's ainneamh ur cuideachd, bidh trusadh nar tìr;
Bidh clanna nan Gàidheal ri aghaidh gach càs
'S iad gualainn ri gualainn gu buaidh no gu bàs.