Back

Isein Bhòidhich

Lyrics:

Chaidh ar giùlain ann an carbaid
Mach tre gleanntan gorm an fhraoich
Chuir sinn cùl ri fearann Alba,
Aghaidh air a' bhlàr 's an raon.

Cha robh 'n oidhirp thug sinn suarach
Ach a' bhuannachd bha i faoin;
Dh'aom na nàimhdean air ar beulaibh
Mar shruth-lìonaidh anns a' chaol.

'S iomadh caraid ciatach, snasail,
Dlùth air m' aigne 's air mo chridh'
Chunnaic mi 's a dhruim ri talamh
'S nach dèan carachadh an tìm.

Nuair a philleas grian an t-samhraidh
Bidh na h-eòin air bhàrr nan craobh;
Bidh na tulaich bheag cho uaine
Far bheil leabaidh fhuar nan laoch.

Isein bhòidhich tha ri siubhal
Null gud nead an tìr an fhraoich,
Ma thadhlas tu an Eilean Leòdhais
Thoir mo shoraidh gu mo ghaol.

Thoir mo shoraidh gu mo mhàthair
'S gu mo chàirdean bàidheil ciùin;
Innis dhaibh gu bheil mo smaoin orr'
'S m' aghaidh air a' bhlàr 's an raon.

'S truagh nach b' urrainn mi leat amharc
Null tre mhonaidhean 's tre chaoil
Dh'fhaicinn sealladh air Gleann Ghrabhair
Far na dhealaich mi rim ghaol.

Chithinn a' Chàbag, fearann m' eòlais
'S i le ceò air bhàrr na stùc
Far na dh'àraicheadh o m' òig' mi
'S mi fo bhròn nach fhaic mi thu.