Back

Lag Nan Cruachan

Lyrics:

Sèist

Ma thèid thu Lag nan Cruachan
Dèan innse dhaibh mur cual' iad e,
Gur ann air moch Diluain
Le gaoth tuath a rinn sinn seòladh.

Nuair dh'fhàg sinn a-mach Grianaig,
Bha ceò is fèath nan eun againn;
'S ged chuir sinn h-uile stiall oirre
Cha dèanadh i dhuinn crònan.

'N sin fhuair sinn mar a b' àill leinn i
Is chroch sinn na siùil àrda rith';
Nuair chuimhnich mi mo mhàthair,
Bhith ga fàgail, bha mi brònach.

Diardaoin bha latha b' èibhinn ann
Ri taobh an fhearainn Èireannaich,
'S i againn mar a dh'fheumamaid
Tighinn às ar dèidh le sòlas.