Back

Lagan Àlainn Sheiseadair

Lyrics:

Nam faighinn comas sheinninn dàn
Mu bhaile beag an taobh an t-sàl
Am baile sin dhan tug mi 'n gràdh
'S mi dol dhan tràigh 's a' creagach ann.

Sèist

Is thusa shiubhlas null air sàl
A dh'Eilean Leòdhais tìr mo ghràdh
Bheir mo mhiann 's mo dhùrachd blàth
Gu lagan àlainn Sheisiadair.

'S ann sin a bha mi òg ri fàs
Ri siubhal mhòintich is ri snàmh
'S ann a dh'iarrainn-sa bhith tàmh
Seach 's ceàrnaidh riamh a thadhal mi.

'S b' òig' bha mi nuair thug mi àgh
Dha mhòintichean 's dha chreagan àrd
'S dhan fhraoich air aonach ann ri fàs
Toirt dha gach àite an t-eireachdais.