Laoidh Chaluim Chille
Lyrics:
Sèist
Glòir don Athair, don Mhac 's don Spiorad ro naomh
Fad shaoghal nan saoghal, Amen.
Cuiridh facal do bhàidh ana-Criosdaidh gu nàir',
Caisbheart Soisgeul nan Gràs oirnn gach uair;
Sgiath a' Chreideimh gar dìon bho làimh ana-miann,
Claidheamh spioradail diadhaidh ar buaidh.
Nis sàbhailt' air tìr bheir sinn adhradh don Tì,
Do dh'Athair na Glòrach ar Rìgh;
Bho Èirinn gu Alb' ar lochran 's ar n-earbs'
Feadh aisridhean gàbhaidh a' chuain.
An Doire choillteach mo ghràidh thug sinn anmoch is tràth
Adhradh don ainm thar gach ainm.
O taing dhut, a Dhia, thug dhuinn eòlas na Trian
Ann an eileanan cianail a' chuain.*
Beannaich Thusa mo thaigh, a Thrionaid ro mhìn,*
A Mhoire 's a Mhìcheil 's a Bhrìghd',
Bho mhullach gu bonn, gach spàrr agus crann,
Is an sluagh a nì tuinneachadh ann.
* bhàis ann an cuid de dh'àiteachan
* naomh ann an cuid de dh'àiteachan