Back

Leòdhas mo Ghràidh

Lyrics:

O seinnidh mise rann air an fhonn seo an-dràst',
Bu toigh le ar sinnsir, b' iad laoich nam beann àrd,
'S a-chaoidh do thìr nan Gàidheal mo spèis-sa bidh buan,
'S don eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.

Tha 'n cuan an iar ga chuartach 's a' bualadh ri thràigh,
'S na caoil cluinnear nuallan is fuaim a' mhuir làn,
Gu fasgadh nam mòr-bheann thig na h-eòin bhàrr a' chuain,
Don eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.

Nuair dh'iathas ceò na h-oidhch' anns na glinn, 's air gach blàr,
Gur sàmhach is ciùin iad, 's gach dùil annt' nan tàmh,
'S gun bhriseadh air an t-sàmhchair ach dàn coilich-ruaidh,
San eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.

Tha sluagh ann tha bàidheil is càirdeil gun ghruaim,
Is laoich a tha làidir 's gach càs a bhiodh cruaidh.
Bratach na Gàidhlig gu bràth cumar suas,
San eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.

Cha tèid mi dhèanamh tàire air àit' fo na neòil,
Is toigh leam tìr nan Gàidheal, a cànain 's a ceòl,
Ach don àit' san deach m' àrach mo ghràdh-sa bidh buan,
'S don eilean laigheas àlainn sa cheàrnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghràidh.