Back

Leòdhasach an Tìr Cèin

Lyrics:

Tha mi fo mhulad bho sheòl mi,
À Leodhas, eilean mo ghràidh,
Far na dh’fhàg mi comunn na h-òige,
‘S mo chàirdean uile ri tàmh.
Cha phìll rium tuilleadh gach sòlas,
‘S gach gòraich bh’agam nam phàist’,
‘S mo chridh’ air a lìonadh le dòrainn,
‘S mo chòmhnaidh thairis thar sàl.

Mo chiabhag tha tana ‘s air liathadh.
Oir ’s cian bho dh’fhàg mi do bhàgh,
Mo chridhe tha ‘g osnaich gad iargain
Is m’ iarrtas tilleadh gach là,
Ged ‘s torrach am fearann s’ fo chraobhan,
Cha lùiginn fuireach na phàirt,
Bu mhath leam bhith trusadh nan caorach,
‘S an fhraoich an eilean mo ghràidh.

Cò rugadh ‘s chaidh àrach bhon ghlùin ann
A lùigeadh teich às gu bràth?
Tha ailleachd ‘s maise a’ chluaintean,
Gach uair gam chumail ri dàn.
Na glinn as àillidh le ‘m bruachan,
Fo luachair, muran is stàrr,
Far ‘m bu tric a bha mise nam bhuachaill’,
Ri cuallach chruidh ann nam phàist’.

O, nach robh mis’ far an iarrainn,
An Siadar Iarach a’ tàmh,
Far na dh’fhàg mi comunn bha rianail,
Aoidheil, carthannach, tlàth.
Chan iarrainn de shonas gu siorraidh,
Chan iarrainn sòlas gu bràth,
Ach dachaigh bhith agam na chrìochan,
Fo riaghladh Athair na’ Slàint’.

Togaidh mi fhathast na siùil rithe
Ma chùmhnas Dia rium mo shlàint',
‘S gu faigh mi fo m' shealladh na stùcan
Bha mùirneach agam nam phàist’,
Nuair ruitheas mo làithean ‘s an t-saoghal,
B’e mo dhùrachd faighinn ann bàs,
‘S mo chàradh an taice rim shinnsir,
‘S a' Ghlìb ri creagan na h-Aird.