Back
Ma Phòsas Mi Idir Cha Ghabh Mi Tè Mhòr
Lyrics:
Sèist
Ma phòsas mi cha ghabh mi tè mhòr,
Cha phòs, cha taobh, cha ghabh mi tè mhòr,
Ma phòsas mi idir cha ghabh mi tè mhòr,
'S ro bheag a tè dh'fhòghnas dhomh-sa.
Cha ghabh mi tè mhòr, cha gabh mi tè àird,
'S fheàrr leam tè bheag a bhios faisg air an làr,
Cha ruiginn a leas a dhol fad' air a sgàth,
Cur uisge na sàil nam bhrògan.
Mo cheist air an ainnir is meallaiche sùil,
Do shlios mar an eala, 's gur math thig dhut gùn,
Gruaidh dhearg is rosg tana, 's glan sealladh do shùl,
'S gum mealladh tu diùc led bhòidhchead.
Cha ghabh mi 'n tè shrideagach, shradagach ruadh
A chumas an cogadh 's am mallachadh suas;
Nam biodh i agam, 's ann chuirinn i bhuam,
B' e turas gun bhuaidh a pòsadh.