Mac Òg An Iarla Ruaidh
Lyrics:
Sèist
Hillinn, illinn iu ho rò,
Hillinn, illinn iu ho rò,
Hillinn, illinn iu ho rò,
Hillinn ò hug o rò i.
Cha tèid mise chaoidh lem dheòin
Gu mac òg an Iarla Ruaidh;
Gus an cuir a' bheinn ud shìos
Cùlaibh ris a' bheinn ud shuas.
Cha tèid mise chaoidh lem dheòin
Gu mac òg an Iarla Ruaidh;
Gus an dèan an eala bhàn
Nead gu h-àrd air bhàrr nan stuadh.
Cha tèid mise chaoidh lem dheòin
Gu mac òg an Iarla Ruaidh;
Gus an cuir am bradan breac
Trì chuir mhear an crò nan uan.
Thog a muime thall a ceann
"'S gòrach leam do chainnt, a luaidh;
Bheir thu gaol ro Fhèill an Ròid
Do mhac òg an Iarla Ruaidh.
Cainnt nan òg-bhean tha mar dhrùchd
A nì grian a shùghadh suas;
Mun tig Samhain bidh tu pòsta
Aig mac òg an Iarla Ruaidh".
A' bheinn ud shìos 's a' bheinn ud shuas
Cha do charaich riamh 's cha ghluais;
Ach thug Màiri gaol gun ghò
Do mhac òg an Iarla Ruaidh.
Tha an eala gur san eilean bhàn,
'S am bradan tàrr-gheal feadh a' chuain;
'S tha Màiri nis na cèile pòsta
Aig mac òg an Iarla Ruaidh.