Back

MacShithich / Hò Rò Mo Dhuilichinn / Fear an Dùin Mhòir

Lyrics:

An cuala sibh gun ghoid MacShìthich poca sìl às a' Ghleann Mhòr

Poca min à Peighinn na Fìdhleir 's poca sìl às a' Ghleann Mhòr.

Poca gràn à Peighinn na Fìdhleir 's poca sìl às a' Ghleann Mhòr

Poca min à Peighinn na Fìdhleir 's poca sìl as a' Ghleann Mhòr.

Poca gràn à Peighinn na Fìdhleir 's poca sìl às a' Ghleann Mhòr
Poca gràn à Peighinn na Fìdhleir 's poca sìl às a' Ghleann Mhòr
Poca gràn à Peighinn na Fìdhleir 's poca sìl às a' Ghleann Mhòr
Poca min à Peighinn na Fìdhleir 's poca sìl às a' Ghleann Mhòr.

B' fheàrr mar a bha mi 'n-uiridh na mar tha mi 'm bliadhna
B' fheàrr mar a bha mi 'n-uiridh fir a' tighinn gam iarraidh
B' fheàrr mar a bha mi 'n-uiridh na mar tha mi 'm bliadhna
B' fheàrr mar a bha mi 'n-uiridh fir a' tighinn gam iarraidh.

Hò rò mo dhuilichinn, mo dhuilichinn a rinn mi
Hò rò mo dhuilichinn nach robh mi na mo mhaighdeann

Hò rò mo dhuilichinn nach robh mi na mo mhaighdeann.

Tàillear a bha mi sireadh, figheadair a fhuair mi

Tàillear a bha mi sireadh, figheadair a fhuair mi.

Hò rò mo dhuilichinn, mo dhuilichinn a rinn mi
Hò rò mo dhuilichinn nach robh mi na mo mhaighdeann
Hò rò mo dhuilichinn, mo dhuilichinn a rinn mi
Hò rò mo dhuilichinn nach robh mi na mo mhaighdeann.

Tha fear an dùin mhòir a' mire ri Mòr
Tha fear an dùin mhòir is Mòr a' mire ris
Tha fear an dùin mhòir a' mire ri Mòr
Ach cò nì mire ri Màiri?