Back

Madainn Th' air Èirigh

Lyrics:

Sèist

Madainn th' air èirigh mar a' chiad mhadainn,
Lòn-dubh ag èigheach mar a' chiad eun.
Taing airson ceòlraidh is solas na maidne;
Taing son gach aon nì thig bho ar Dia.

Milis an ùr-fhras deàrrsadh sna speuran,
Mar an drùchd cùbhraidh air an fheur ùr;,
Taing airson mìlseachd dealtachd a' ghàrraidh,
'G èirigh mar spìosraidh far an tèid Thu.

Solas na grèine, solas na maidne,
'S leam-sa gach solas bho thoiseach an t-saoghail;
Seinnibh le aoibhneas, molaibh gach madainn;
Dia ag ath-ghintinn gach latha as ùr..