Back

Mairead nan Cuiread

Lyrics:

Tha mulad, tha mulad, tha lionn-dubh orm fhèin
Hì rì hoireann ò, hì rì hoireann ò

Tha de mhuinghean air m' aire nì nach aidich mo bheul
Hì ri ri ri o ho, ro ho hì hoireann ò

Mun òganach ghasta ùr mharcach nan steud

Mun taca seo 'n-uiridh bu thoil leat m' fhuran ro cheud

Cha mhò ort mi 'm bliadhna na eunlaith nan speur

Chan innis mi dham phiuthair meud mo chumh' às do dhèidh

No dham mhàthair a rug mi chuir mi cudrom na ceum

Tha sac trom air mo chridhe nach tog fidheall nan teud

Ach a Mhàiread nan cuiread 's dàn a chuir thu orm breug

Thilg thu ormsa mar aileis nach b' uilear dhomh 'm brèid

Gu robh leanabh am pasgadh fo asna mo chlèibh

Cuim nach innseadh tu 'n fhìrinn mar a dh'innsinn ort fhèin

Ann an làthair mo thighearn far am bithinn 's tu rèidh

Thilg thu ormsa mar dhearrais gu robh m' athair an èis

Cha b' ionnan dham athair 's dhad athair-sa fhèin

Cha b' ionnan dhan taighean 'n àm laighe don ghrèin

'S ann a gheibhte, 'n taigh d' athar-s' cinn is casan an fhèidh.