Back

Màiri Bhaile Chrò

Lyrics:

Air latha dhomh 's mi falbh nan àrd,
Àit'-àraich fir na cròic,
Gun chaill mi m' iùil air feadh nam màm
Le bàrcadh trom de cheò;
Bha 'n oidhche dhorcha tarraing teann,
'S mo chridhe fann gun treòir,
Nuair thachair rium a' ghruagach bhàn
Air àirigh Bhaile Chrò.

Is thug i cuireadh dhomh gun dàil
Gu fàrdaich bhig gun sgòd;
Is thuirt i rium mi dhèanamh tàmh
Gu 'n sgaoil an latha na neòil;
Gum faighinn leabaidh thioram bhlàth
De bharrach àlainn òg;
Gum faighinn biadh is deoch is bàidh
Air àirigh Bhaile Chrò.

Is lìonmhor ròs tha fàs fon driùchd
Nach fhaca sùil an glòir;
Is lìonmhor maighdeann mhaiseach chiùin
Nach deach a cliù an ceòl;
Ach riamh cha d' fhosgail ròs fo dhriùchd
No òigh an cùirt san Eòrp'
Cho fìnealt' ann an cruth 's am blàth
Ri Màiri Bhaile Chrò.

Ged bheireadh baintighearna dhomh làmh,
Le saibhlean làn a dh'òr,
Gur lìonmhor buaireas agus cràdh
Tha 'n càradh ris an t-seòrs';
Gum b' annsa bhith air chosg an tràth
Le sìth is gràdh na chòir,
An gleann nan cuach, 's a' ruith nam bà,
Le Màiri Bhaile Chrò.

Nuair thèid i mach sa mhadainn chaoin,
Gu fallain, aotrom, beò,
'S a ghleusas i a duanag ghaoil
An doire mhaoth nan cnò,
Bidh eòin nan geug a' seinn dan àl
Gu h-ait air bhàrr nam meòir;
Ach èistidh iad, 's an cinn fo sgàil,
Ri Màiri Bhaile Chrò.

Tha sùilean iochdmhor, baindidh, ciùin,
Ag inns' a rùin gun ghò,
Tha ceum neo-throm 's a cruth gun smùr,
Gun mheang, gun lùb, gun leòn;
Tha mais' is nàire snàmh na gruaidh,
Gun fhoill, gun uaill na dòigh,
Mar lilidh mhìn a' fàs le buaidh
Aig fuaran Bhaile Chrò.

Mo shoraidh slàn gu robh gu bràth
Na fàrdaich is na stòr;
Tha ìomhaigh ghràidh nam chuimhne ghnàth,
Is briathran blàth a beòil;
Bidh m' aigne làn de ghaol nach cnàmh
Gun càirear mi fon fhòd,
Don ghruagach bhàn a dhùisg mo dhàn
Air àirigh Bhaile Chrò.