Back

Màiri Bhàn Òg

Òran d'a Chèile Nuadh-Phòsda

Lyrics:

"A Mhàiri bhàn òg 's tu an òigh th' air m' aire
Rim bheò bhith far am bithinn fhìn
On fhuair mi ort còir cho mòr 's bu mhaith leam
Le pòsadh ceangailt' on chlèir
Le cùmhnantan teann 's le banntaibh daingeann
Le snaim a dh'fhanas nach trèig.
'S e d' fhaotainn air làimh le gràdh gach caraid
Rinn slàinte mhaireann am chrè.

Bheirinn mo phòg don òg mhnaoi shomalt'
A dh'fhàs gu boinneanta, caoin,
Gu mìleant, còmhnard, seocail, foinnidh,
Do chòmhradh gheibh mi gu saor;
Tha mi air sheòl gu leòr ad chomain
A' bhòid-sa chuir thu gu faoin
Dom smaointean gòrach pròis nam boireannach,
'S còir dhomh fuireach le h-aon.

Chaidh mi don choill' san robh croinn is gallain
Bu bhoisgeil sealladh mun cuairt
'S bha miann mo shùl do dh'fhiuran barraicht
An dlùths nam meanganan suas
Geug fo bhlàth o bàrr gu talamh
A lùb mi furasta nuas
Bu duilich do chàch gu bràth a' gearradh
'S e 'n dàn domh 'm faillean a bhuain.

'S e b' fhasan leat riamh bhith ciallach, banail,
Ri gnìomh, 's ri ceanal mna-uails';
Gu pàirteach, bàidheil, blàth, gun choire,
Gun ghìomh, gun ghainne, gun chruas;
Gu dèirceach, daonntach, faoilidh, furast',
Ri daoine fanna, bochd, truagh;
Is tha mi led sheòl an dòchas ro-mhath,
Gur lòn do d' anam do dhuais.

Nam faighinn an-dràst' do chàradh daingeann
An àite falaicht on eug
Ged thigeadh e dàil, 's fhàgail falamh
Cha b' àill leam bean eil' ad dhèidh
Cha toir mi gu bràth dhut dranndan teallaich
Mun fhàrdaich aileag do chlèibh
Ach rogha gach manrain, gràdh is furan
Cho blàth 's a b' urrainn mo bheul.

Dhèanainn dhut ceann is crann is arachd
An àm chur ghearran an èill,
Is dhèanainn mar chàch air tràigh na mara
Chur àird air mealladh an èisg;
Mharbhainn dhut geòidh is ròin is eala
'S na h-eòin air bharraibh nan geug;
'S cha bhi thu rid bheò gun seòl air aran
'S mi chòmhnaidh far am bi fèidh."