Back

Màiri Mhìn Mheal-shuileach

Lyrics:

Sèist

Mhàiri mhìn mheall-shuileach,
'S toigh leam fhìn cruinneag a' chruidh;
Nighean donn nam meall-shuilean,
Air m' fhallain thug mi spèis dhut.

Is mise tha gu brònach,
Nach fhaod mi fuireach còmhla riut,
'S mi tarraing air na ròpan,
'S a' chòrcach air mo lèine.

Air a' mheadhan-oidhche,
Ged b' ann am bàrr a' chroinn e,
Bhith cuimhneachadh do choibhneis,
Gun tug e roinn dem chèill uam.

Nuair rachadh i don bhuaile
A bhleoghan a' chruidh ghuaillinn,
'S e 'n ceòl as binne chualas,
A duanagan gan èisteachd.

Cha b' e meud do stòrais
A chuir mi fhìn an tòir ort,
Ach caileag laghach bhòidheach,
Bhith còmhla rium ag èirigh.

Ged tha sinn gann de stòras,
Chan eil sinn gann den òige;
'S a chaoidh cha dìobair lòn sinn,
Ma bhios sinn beò le chèile.