Back

Mala Chaol Is Beul Tana

Lyrics:

Sèist

Mala chaol is beul tana,
Slios mar fhaoileig na mara,
'S cuailean cuachach nan dual
Sìos mu ghualainn mo leannain.

'S i mo rùn-sa mhaighdeann chiùin,
Loinneil chliùiteach is bhanail;
Bidh mo chridhe leum le sunnd
Dol a-null gu mo leannan.

Mar na ròsan glan fon drùchd,
Finealt' ùrail, gun smalan,
Tha gach àilleachd mais' is mùirn
Ann an giùlan mo leannain.

Tha i bainntidh, caoin, gun ghruaim,
Cuimir, uallach is fallain;
'S chan eil òighe measg an t-sluaigh
A bheir buaidh air mo leannan.

Ged a tha mi gann de stòr
Nì mi seòl dhi air aran;
'S chan eil duine fo na neòil
A gheibh còir air mo leannan.