Lyrics:
Nam biodh gach cuis mar mhiannaichinn, cha deanainn moran dail
Gun cluinnte gun do sheol mi air bord a null air sal,
Is chuirinn cul ri Canada bho seo a mach gu brath
Gu bhi ri'm bheo a'comhnuidh an Leodhas nam beann ard.
Ged is saobhair Canada le tighean maiseach ard
Is raointean boidheach arbhair nach eil cearbach fo a bharr
Tha moran ann do cleachdaidhean 's do dh'faisanan gun stath
Nach fhaca mi bho m'oige ann an Leodhas beag mo ghraidh.
B'e mo mhiann gu firinneach 'san tir ud bhi ri tamh,
Bha m'inntinn lan do chianalas nuair thriall mi as an ait'
Cha tachair rium cho caomh leam ris na daoine th'ann gu brath
Bi mise tric a'cuimhneachadh an aoighealachd 's am baigh.
Ged tha mi nis air gluasad bhuat 's mo chuairt an tirean cein,
Tha m'inntinn air na fuar'bheannaibh tha 'g eirigh suas dhan speur
Tha cuimhne agam cluaintean 's na srathan uaine reidh
'S am b'abhaist dhomh bhi suaimhneach ri buachailleachd na spreidh.
Cha'ne a mhain na buadhan ud a chuir mo dhuan an ceill'
Na idir feadain luatha tha glusad bho lochan eisg
Cha'ne na leanntan boidheach 'san neadaich eoin na speur
Chan iad a rinn mo liathadh le cianalas 'nan deidh.
Ach 's e a chuir fo bhron mi 'sa rinn mo leon cho geur
Na nithean tha mi 'g ionndrainn a dh'fhag cho trom mo cheum
Na sochairean solaimte dha'n tug mi moran speis
Is iad gu mor bu luachmhor leam na buailtean lan do spreidh.
'S an n dh'fhaoidhte 'n diugh mo shamhlachadh ri neach air chall 'sa 'cheo
Ged 's tric ri lorg na greine mi cha leir dhomh i 'sna neoil
Cha tachair rium na buachaillean ri tional uan do'n chro
Dha'n togail air an guaillean 'sa fuasgladh air le lon.
Tha nise geamhradh dubhlaidh ri tighinn orm an duthaich chein
'S tha mise muigh 's'gharbhlaich far nach fhaic mi lorg na treud
Gun ioc-shlaint anns an aite seo bheir slainte dha mo chreuuchd
Mur tig a leigheas tha'n Gilead ann aig tha fios air m'fheum.
Gu robh E buntainn truasail ris an t-sluagh a tha' nn's a'cheo
'S na h-amghairean neo-churamach gun diu an'tig iad beo
Tha moran dhiubh 's na cubaidean gun ughdarras bho ghloir
Cha chual' iad na searmoinean aon duine marbh tighinn beo.
'S trid a bhios mi cuimhneachadh na glinn 'san robh mi og
'S an ann a bha na fuighailich bha cliuteach anns gach doigh
Cha bhiodh an t-Athair suaimhneach mur a biodh na h'uain 'sa'chro
'S na rachad aon air chall dhiugh bhiodh e fein gu teann 'nan toir.
Bha caoraich lag is laidir ac'ri sasachadh le lon
Bha biadh ac'a bhiodh freagarrach ri feadhainn bheag is mhor
'S ann chleachd iad bhith 'gan ionaltradh ri taobh nan uisge beo
Far 'm biodh smior a'chruitheachd aca bainne is mil ri h-ol.
Bhiodh iomadh comunn solasach is glormhor aig na naoimh
Nuair chruinnicheadh prasgan boidheach dhuibh 'sna coisean ud gach oidhch'
Bu bhlasda leamn an comhradh 's iad ri luaidh air gloir a'chinn
'S ann ann a fhuair iad coraichean is dochas sud nach meall.
Chan aitreamh air a'ghainneamh sud tha carraig ghlan fo bhonn
Do thoiltinneas an Ti ud a chaidh iobradh air a'chrann
'S ann a fhuair iad fasgadh nuair a bha iad lag is fann
'S cha ghabh e cur am briathran dhuibh an diamhaireachd a bh'ann.
Cha ceartas Dhe a riarachadh 's a lagh bha dian nan toir
Is fhuair an anam sabhailt 's do'n Ard-righ buodh a ghloir
Ged robh iad greis 'san fhasach seo 'sa namhaid tric dha leon
'Sann ghlanas sud mar airgiod iad is dearbhar iad mar or.
Ach 's or a sheasasas dearbhadh sud is buillean garbh nan ord
Gach uair theid e dha'n abhainn bi e dealrachadh na's mo
Ged dh'eireadh suas geur leanmhuinnean bhiodh searbh air fuil is feoil
Cha dean an dochas basachadh is gras dha chumail beo.
Tha moran ann fo eagal nach do fhreagair iad a ghairm
'S nacheil an tigh neo-ghluasadach air choinneamh uair na stoirm
Ach 's e mo bheachd is chanainn e an t-anam sin a dhearbh
'S a ghabh ri Criosd mar Shlanuighear gun tearnar e gu dearbh.
'S e sud an teasgasg fhallain ris na chleachdadh mi bho m'oig
'S mo chridh bhi fada duinte dhi sud faith mo thuirs 's mo bhroin
Is iomadh impidh dhileas air na rinn mi dimeas mor
Cheannaichinn 'n diugh gach uair dhiubh sud air son a luach do'n or.
Ach 's ann tha mi 'n drasda gabhail tamh am fasach lom
Is tha mo dheud a'maoladh anns a faobhar air a chall
Ged bhios mi 'g iarraidh manna chan fhaigh mi cail ach moll
Nach dean dhomh stath air Iordan ach mo thabhairt beo dha grunn.
Nis, anam, treig gach aimeadas bho thalamh tog do shuil;
Na bi ri 'g earbs a teachdairean a caraid na fear-iuil
Mur b'aill leat a bhi aineolach cum faisg air a'chair-iuil
'S an t-am ri tarruing fabus nach dean faileasan a'chuis.
Mo mhiann anns a'cho dhunadh 's mo dhurachd e gach am
Gum biodh luchd na h-urnuigh 'san duthaich a tha thall
Ri guidh' as leth na daoine tha sgoilt' air feadh na beann
Gun neach aca dha stiureadh gus a suil a thoirt air a'chrann.
A nise beannachd buan leat, eilean uasal nam beann ard
Ged tha mi bhuat thar chuantan bidh mo smuaintean tric dha snamh
Cha sguir mi ort a'chuimhneachadh gu ruig mi cheann mo la
'S nuair chaidleas mi gun dusgach 's ann nad'uir a dh'iarrainn tamh.