Back

Maraiche nan Cuantan

Lyrics:

M' ionndrainn agus m' iargainn ort, mharaiche nan cuantan,
Luasgan thonn na mara cha dèan togail air mo bhuaradh.
Ar saoghal cha bu mhaireann e, mharaiche nan cuantan.

Blàth na grèine deàlradh air cuan mar laisir luaineach.
Geòla gearradh fairge is cop mu sròin ga suaineadh.
Gualainn làidir fearail aic', stiùiriche nam buadhan.

Long air dòigh sa chamhanaich 's an oiteag 'g èirigh cruaidh oirr'.
Stuaghan uaine bagarrach is domhan dorcha, gruamach.
Bu shuarach leat an àmhghar aic' 's acarsaid ga buannachd.

Ach ruaig am bàs do chuairt air sàil, mharaiche nan cuantan.
Tha fuasgladh air an acair is tha gluasad air an iùbhraich.
Suain bith-bhuan biodh maille riut am port bhios sìtheil ciùin dhut.