Back

Màthair Mhic Dè

Lyrics:

A Mhàthair Mhic Dè, a Mhàthair Mhic Dè,
Dè ni mi iarraidh bhuat?
Chan ionntas brèagh'
A tha nam mhiann,
No sòlas gun fhiach nach buan.
A Mhàthair Mhic Dè, a mhàthair Mhic Dè,
Seo agad mo mhiann 's mo smuain,
Mi dh'fhaicinn lem shùil,
Aon sealladh de ghnùis,
An Leanaibh as àirde luach.

A Mhàthair Mhic Dè, a Mhàthair Mhic Dè,
Sheall thu Dha 'n gaol gun phrìs,
San stàball fhuar
An Nàsaret thruagh,
Am bailtean beag Ghaililee.
A Mhàthair Mhic Dè, a Mhàthair Mhic Dè,
Dhutsa cha diùlt E nì.
Nuair sheallas E suas,
'S E nad ghàirdeanan suaint',
O cuimhnich dha, Mhoire, mo dhìth.

A Mhàthair Mhic Dè, a Mhàthair Mhic Dè,
Clann daoine tha ris cho fuar:
Air an dalladh le sannt,
Chan èisd iad ann -
Cha lèir dhaibh ach gann a luach.
A Mhàthair Mhic Dè, a Mhàthair Mhic Dè,
Led Mhacan thig fhèin a-nuas,
'S bheir mise dha àit,
Na mo chridhe gu bràth,
Is fasgadh is fàrdach bhuan.

A Mhàthair Mhic Dè, a Mhàthair Mhic Dè,
Ciamar sheallas mi dhut mo ghaol?
Bheir mi gràdh dhad Mhac
Lem uile neart,
'S e Esan mo Dhia 's mo Rìgh.
A Mhàthair Mhic Dè, a Mhàthair Mhic Dè,
Seo agad mo mhiann 's mo rùn,
Gur àirde mo ghràdh
Do Leanabh an àigh
Na bhios e dom chàirdean dlùth.

A Mhàthair Mhic Dè, a Mhàthair Mhic Dè
Tha mise mar luing gun stiùir
Air chuantan garbh,
A' strì ri fairg',
Gun chombaist, gun fhailm, gun siùil.
A Mhàthair Mhic Dè, a Mhàthair Mhic Dè
Nach seall thu dhomh cala is cùrs,
'S a Mhoire mo ghràidh,
Bi romham air tràigh
'S do Leanabh na sholas gam iùil.