Back

Mhòrag 's na Horo Gheallaidh

Lyrics:

Sèist

O hì hogaidh ò
Mhòrag 's na hò ro gheallaidh
O hì hogaidh ò

'S muladach 's muladach tha mi
dol dhan tràigh a bhuain feamad.

Dol dhan tràigh is gun mi eòlach
's gun na gillean òg aig baile.

Dol dhan tràigh a bhuain a' mhaoraich
's nach fhaic mi mo ghaol a dh'fhearaibh.

Cha b' ann an taigh fàs nam ònrachd
fhuair mi eòlas air mo leannan.

Calpa grinn an stocainn bhàin
a dhìreadh a' bheinn àrd gun anail.

Nuair a dheigheadh tu dhan bheinn fhiadhaich,
bu throm do thriall chun a' bhaile.

Led ghunna, led adhairc fhùdair,
do ghillean 's do chù na dheannaibh.