Back

Mi an Seo Nam Ònar

Lyrics:

Mi 'n seo nam ònar an lag nan neòinean,
'S mi 'g èisteachd smeòraich ri ceòl don àl;
Gur mis' tha brònach 's mi dèanamh òrain,
Don rìbhinn bhòidhich a sheòl thar sàil'.

Tha cliù thar chàich ort an dealbh 's an àilleachd,
Tha iochd nad nàdar is bàidh neo-ghann;
Bhon dh'fhalbh thu Shasann à tìr na Gàidhlig,
Chan eil bheir bàrr ort an àite th' ann.

Nuair bha sinn còmhla mun chaigeann chòsaich,
Gur iad do phògan thug dhomhsa slàint';
Sinn ruith nan lònan 's a' leum nan òban,
Gun smaoin air dò-bheirt ach còmhradh gràidh.