Back

Mìcheal

Lyrics:

Mile marbhaisg air na fearaibh
'S iad tha caochlaideach carach nam beul
Cha taobh iad tè fhalamh
'On nach biodh aice earras dha rèir
Dh'fhaodadh tè bhith gun tochradh
Bhith gu sìobhalta socair a beus
'S nighean bodaich le codach
Bhith gu h-àrdanach droch bheulach brein.

Gur e mis' tha fo mhinginn
Bho lath chuir iad an snaim air mo ghràdh
Se do thuras-sa Mhìcheil a dh'fhàg
M' aigne cho ìosal gach latha
Thuirt thu rium a bhith deiseil
Gus do bhanais a sheasamh gun dail
Rinn thu rithist ath-smaointinn
'S dh'fhàg sud mise nam aonar gu brath

Tha mo cheist air an armunn
Gura camlagach àlainn a ghnùis
Tha do mhais ann-ud aodann
Nach cuir duin' air an t-saoghal air chùl
Ach ma rinn thu mo thrèigsinn
Aig gainead mo sprèidh air mo chùl
Mo mhìle beannachd na d' dhèidh
'S biodh agad na roghainnich thu

"O tha mi fhathast gun phòsadh
A dh'aindeoin luchd sgeodail nam breug
Cha robh dùil agam d' fhàgail
Fad 's a choisichinn slàn air an fheur
Fad 's dh'fhanainn mar bha mi
'S a ghleidhinn mo nàire 's mo chiall
'S cha bu lugha na 'n caoch
Bheireadh orm-sa do ghaol a chuir dhìom".