Back

Mo Ghaol An Tè Nach Dìobair Mi

Màiri Ghreannar

Lyrics:

Mo ghaol an tè nach dìobair mi
Cho fad 's a dhèanadh fìrinn e
Gun aithnichinn ceum na h-ighneig
Measg nam mìltean air a' chabhsair.
Mo ghaol an tè nach dìobair mi.

Shaorainn, shaorainn, shaorainn thu
Air m' fhacal fhìn gu faodainn sin
Nan creideadh clann nan daoine mi
Gu saorainn Màiri Ghreannmhor.
Mo ghaol an tè nach dìobair mi.

Shaorainn agus shòrainn thu
Mhionnaichinn agus bhòidichinn
Nach d'fhuair mi riamh de eòlas ort
Mar tug mi greis air cainnt riut.
Mo ghaol an tè nach dìobair mi.

Shaorainn fhìn gun teagamh thu
Ged b' ann air bheulaibh seiseine
Is nam b' e b'fheàrr gum pòsadh mi
B' e tu mo cheud bean-bainnse.
Mo ghaol an tè nach dìobair mi.

Tha falt bachlach, dualach ort
Gu bhàrr a' fàs na chuaileinean
Do phòg mar mhil nam bruachagan
'S do shnuadh air dhreach an t-samhraidh.
Mo ghaol an tè nach dìobair mi
Cho fad's a dhèanadh fìrinn e
Gun aithnichinn ceum na h-ighneig
Measg nam mìltean air a' chabhsair
Mo ghaol an tè nach dìobair mi.