Back

Mo Ghille Dubh

Lyrics:

Sèist

Mo thruaigh mi mar tha mi an-diugh
Mo thruaigh mi 's gur muladach
'S e an gaol a thug mi an gille dhubh
A rinn an-diugh mo leònadh.

Gun tug mi spèis don àrmann
Am bothan beag na h-àirigh
'S e cuimhneachadh an-dràsta air
A dh'fhàg mi dubhach brònach.

Mur faigh mi e mar chèile
Nì tuireadh 's bròn mo lèireadh
'S gun nì san t-saoghal nì feum dhomh
Às eugmhais gaol an òigeir.

Ged tha mi nis gu cràiteach
'S a' caoidh on rinn thu m' fhàgail,
Gur tric a bha mi làmh riut,
'S mo chridhe snàmh an sòlas.

O, thug mi gràdh nach caochail
Do dh'òigear an fhuilt chraobhaich;
'S a-nis mur dèan mi fhaotainn,
Gur neoni 'n saoghal dhomhsa.

Gur tric a bha sinn mùirneach
Ged tha mi an-dràsta gu tùrsach
'S ma 's e 's gun tug e cùl rium
San ùir bidh m' àite-còmhnaidh.