Back
Mo Nighean Bhàn Chuimhir Thu
Lyrics:
Mo nighean bhàn chuimir thu
Mo chaileag laghadh ghuanach,
Mo nighean bhàn as àille cruth
Mo ghràdh-da dhut chan fhuaraich.
Nam bu bhàrd mi sheinneadh ceòl
'S a chuireadh dòigh air duanaig,
Gur innsinn cliù na rìbhinn òig
Mar mhil tha pòg ri buannachd.
Tha d' ìomhaigh daonnan faisg orm
Nam aigne is nam smuaintean,
San oidhche nuair a chaidleas mi
Gad fhaicinn ann am bruadar.
Mo mhìle beannachd leat an-dràst'
Mo ghuidhe, slàn gach uair leat,
Gur sona 'm fear a gheibh do làmh
'S a chuireas fàinne cruaidh ort.