Back

Mo Nighean Donn à Còrnaig

Lyrics:

Sèist

Mo nighean donn à Còrnaig,
Gu robh thu buidhe bòidheach,
Mo nighean donn à Còrnaig.

Gur olc an sgeul a chuala mi
Diluain an dèidh Didòmhnaich.

Nuair chaidh càch dhan t-searmon
Chaidh na cealgairean dhan mhòintich.

'S gu robh do chuailein slaodta riut
'S do lèine chaol na sròicean.

'S do chìochan mìne geala
A' call na fala còmhla.

Mo nighean bhuidhe bhadanach,
Na cadal air a' mhòintich.

Gur olc an obair maidne dhomh
Bhith cur nam fear an òrdugh.

'S gur olc an obair feasgair dhomh
Bhith deasachadh do thòrraidh.

'S an leann a chaidh gu d' bhanais
Air d'fhalaire dh'òladh.

'S truagh nach robh mi n taice ris
Na balaich rinn an dò-bheart.

Is claidheamh fada rùisgt' agam
Gum feuchainn lùths mo dhòrn orr'.