Back

Mo Nighean Donn na Buaile

Lyrics:

Mo nighean donn na buaile
Dham bheil an gluasad rèidh,
Do chalpannan deas bòidheach,
Troigh chòmhnard nach lùb feur;
Do shlios cho geal is an fhaoilinn
Air madainn chiùin ri grèin;
Nach gòrach mi thug gaol dhut
Is nach fhaod sinn bhith rèidh.

Cha tug mi gaol do dh'airgead
Is cha tug mi gaol do dh'òr;
Cha tug mi gaol don fhìon dhearg
Tha lìonadh anns an stòp;
Cha tug mi gaol do shìde
Cha tug mi gaol do stròl
Is nach neònach leibh an gaol sin
Tha daonnan am leòn.

Is ged gheibhinn-sa an Roinn Eòrpa
Is na bheil de stòras innt';
Ged gheibhinn siud o m' òrdugh
Is àite-còmhnaidh innt';
Ged dh'èighte na mo dhiùc mi
Is ged chrùinte mi nam rìgh,
O b'annsa bhith riut pòsda
Mar diùltadh tu mi.

Dè rinn mi ort de dh'eucoir
Gun trèigeadh tu mi?
Cha tugainn-sa beum ort
Ged a dhiùlt thu mi.
Cha chreidinn-sa droch-sgeul ort
Cha bu lèir dhomh i,
Is ged chuireadh iad a' bhreug ort
Chan éistinn-sa rith'.

Mo chridhe cha dèan èirigh
Ged dh' èistinn-sa ri ceòl;
M' aigne chan eil aotrom
Ged is fheudar dhomh bhith beò;
Tha leann-dubh air m' fhaotainn
Is mi daonnan fo bhròn;
O b'fheàrr mun tug mi gaol dhut
Bhith an caol ciste nam bòrd.