Mo Nighean Donn Òg
Lyrics:
O nighean mo rùin,
C' uime chuir thu rium cùl san àm?
'S a thagh thu fear ùr
Nach loiseadh rium tùr no lann.
Ged is pailt aig' an t-òr
Cha tug e 'n gaol mòr thug mis'
Do d' chridhe 's do d' chom
'S gur cianail siud leam a-nis.
Tha na mìog shùilean blàth
Thug buaidh agus bàrr air chàch;
Bidh mi 'g iomradh do luach
Gus an ruighear mi fuar le bàs.
'S mi ri faire na h-oidhche
Leis na reultan a' soillseadh shuas;
Cha tuit air mo shùil
Trom chadal 's tu, rùin, bhith uam.
Rìgh, nach faca tu, ghaoil,
Cian-airsneal na gaoir tha 'm chridh'
Cha toir aighear no ceòl
Gu maireann am bròn seo dhìom.
Mi mar bhàta gun stiùir
Mar fhear-cròiceach nan stùc gun chèill
Gun socair, gun tàmh,
Ach cianail fo phràmh 's gun fheum.
O pill rium, a ghaoil,
Cha tug mi dhut adhbhar fuath;
'S tu mo roghainn 's mo chiall
Mo bheannachd, 's mo mhiann 's mo luaidh;
'S mar nach urrainn fear ròid
Ceum a shiubhal a-nis gun sgìos
Mur bi ghrian anns an speur,
Ceart mar siud tha mi fèin ad dhìth-s'.
'S lìonmhor pòg a thug mi
De 'd bhilibh, bog, mìn-dhearg, blàth;
'S lìonmhor bòid dhaingeann
A thug sinn, ach fhuair iad bàs.
Fhuair iad bàs, leat-s' 's beag suim
Ach leam-s' siud cuimhn' a chràidh
Fear eile ri d' thaobh
Is mise gun aoigh gu bràth.
Ach ma bheir thu led dheòin
'S le gealladh do bheòil do làmh
Don fhear seo as ùr -
Bu leamsa air tùs do ghràdh;
Bu leam-sa thar gach aon
Do chaidreabh 's do ghaol 's do luadh,
Ach dh'fhalbh siud gu lèir
Mar aisling gun stèidh neo-bhuan.
Mìle beannachd ad dhèidh
Mìle sonas is beus gun sprochd;
Siud dùrachd mo chridh'
Ged is muladach mi a-nochd;
Bi seasmhach, a ghaoil,
Don fhear seo a thaobh do bhòid
Gheibh mise fois làimh
Ann an ciste nan clàr fon fhòd.