Back

Mo Nighean Donn, 'S Toigh Leam Thu

Lyrics:

Sèist

Mo nighean donn, 's toigh leam thu,
'S toigh leam fhìn a' ghruagach;
'S tu ainnir dhonn as bòidhche leam,
Rim bheò cha toir mi fuath dhut.

Chan eil i anns a' bhaile seo,
No 'n caladh far an gluais mi,
Bean òg a nì mo thàladh,
A ghràidh, no chumas bhuam thu.

Their cuid nach eil mi dìleas dhut,
'S mi sgrìobhadh gu gach gruagach;
O, ghaoil, chan eil an fhìrinn ann,
Ach innleachd gus ar fuadach.

Bheir mi fàinne bhòidheach dhut,
Den òr is clachan luachmhor;
Is bheir mi fàinne phòsta dhut,
Is còmhnaidh air mo chluasaig.

Soraidh leis an àilleagan
Tha tàmh san eilean uaine;
Ma thilleas mise sàbhailte,
'S e 'm bàs a chumas bhuat mi.