Back
Mo Nìghneag Bhòidheach Uibhisteach
Lyrics:
Sèist
Mo nìghneag bhòidheach Uibhisteach,
Mo chruinneag chridheil, shunndach,
'S i rùn mo chridhe gnùis na h-ighinn,
Bu mhiann leam suidhe dlùth dhi.
Mo shoraidh leis a' ghrugaich òig
Sa bheil mo dhòchas dùbailt',
Gum bi mi bruadar ort nam shuain
A' smaointinn ort nam dhùsgadh.
Tha mhaighdeann òig as bòidhche fiamh
An tìr nan sliabh 's nan stùcan,
Gum b' e mo mhiann mun laigheadh grian
An-diugh bhith triall ga h-ionnsaigh.
Dol air tìr aig Cearsabhagh
'S e m' aigne bhios sunndach,
Toirt m' aghaidh air an taobh an iar
Far faic mi miann mo shùilean.
'S goirid gus am fàg sinn Cluaidh,
Air bàta luath na smùide,
'S a Loch nam Madadh thèid i leinn,
Cho dìreach 's a nì cùrsa.