Back
Mo Rùn Chailin
Lyrics:
A chailin mo chridhe
A chailin mo ghaoil
Och nan och mo rùn chailin
'S truagh nach robh mi rid thaobh.
'S truagh nach robh mise mar riut
Ann an gleannan an fhraoich
Gun bhith 'g èisteachd ar n-aithris
Ach na h-aighean 's na laoigh.
Gun bhith 'g èisteachd ar brìodail
Neach a dh'innseadh don t-saoghal
Gun do gheall sinn bhith dìleas
Ann an dìomhaireachd gaoil.
Bidh sinn èibhneach ri 'r maireann
Gheibh sinn aighear nach saoil
Choidhch' cha trèig sinn ar gealladh
'S cha tig mealladh le aois.