Back

Mo Rùn Geal Òg

Lyrics:

Och a Theàrlaich òig Stiùbhairt, 's e do chùis rinn mo
lèireadh;
thug thu uam gach nì bh' agam ann an cogadh nad adhbhar;
cha chrodh is cha chaoraich tha mi caoidh ach mo chèile,
ged a dh'fhàgte mi 'm aonar gun sian san t-saoghal ach
lèine,
Mo rùn geal òg.

Cò nis thogas an claidheamh no nì chathair a lìonadh?
's gann gur e tha air m' aire o nach maireann mo chiad
ghràdh;
ach ciamar gheibhinn om nàdar a bhith 'g àicheadh nas
miann leam
is mo thogradh cho làidir thoirt gu àite mo rìgh math,
Mo rùn geal òg.

Bu tu 'm fear mòr bu mhath cumadh od mhullach gud bhrògan
bha do shlios mar an eala 's blas na meal' air do phògan,
d' fhalt dualach, donn, lurach mu do mhuineal an òrdugh,
's e gu cam-lubach, cuimir, 's gach aon toirt urraim da
bhòidhchead,
Mo rùn geal òg.

Bu tu 'm fear slinneanach letheann, bu chaoile meadhan 's
bu dealbhaich;
cha bu tàillear gun eòlas dhèanadh còta math geàrr dhut,
no dhèanadh dhut triubhais gun bhith cumhang no gann dhut:
mar gheala-bhradain do chasan led gheàrr-osan mud chalpa,
Mo rùn geal òg.

Bu tu pòitear na dibhe 'n àm suidhe 's taigh-òsta,
ge b' e dh'òladh 's tu phàigheadh ged thuiteadh càch mu na
bòrdaibh;
bhith air mhisg chan e b' fhiù leat, cha do dh'ionnsaich
thu òg e,
's cha d' iarr thu riamh cùis air tè air chùl do mhnà
pòsta,
Mo rùn geal òg.

'S iomadh baintighearna phrìseil, len sìoda 's len
sròlaibh,
dan robh mis' nam chùis-fharmaid chionn gun tairgeadh tu
pòg dhomh.
ged a bhithinn cho sealbhach 's gum bu leam airgead
Hanòbhair
bheirinn cnag anns na h-àithntean nan cumadh càch sinn bho
phòsadh,
Mo rùn geal òg.

'S iomadh bean a tha brònach eadar Trondairnis 's Slèite,
agus tè tha na banntraich nach d' fhuair samhla dam
chèile.
bha mise làn sòlais fhad 's bu bheò sinn le chèile,
ach a-nis bhon a dh'fhalbh thu cha chùis fharmaid mi fhìn
dhaibh,
Mo rùn geal òg.

Gura mise th' air mo sgaradh, is ge do chanam, cha bhreug
e,
is iomadh tè bha na banntraich nach d' fhuair samhladh dem
chèile,
fear do chèille 's do thuigse cha robh furasta ri
fhaotainn;
's cha do sheas air Cùil Lodair fear do choltais bu
trèine,
Mo rùn geal òg.

Och nan och, gur mi bochdag, 's mi làn osnaich
an-còmhnaidh -
chaill mi dùil ri thu thighinn, thuit mo chridhe gu
dòrtadh;
cha tog fidheall no clàrsach, pìob no tàileasg no ceòl e -
nis o chuir iad thu 'n tasgadh, cha dùisg caidreabh duin'
òg mi.
Mo rùn geal òg.

Bha mi greis ann am barail gum bu mhaireann mo chèile,
's gun tigeadh tu dhachaigh le aighear is le faoilteachd,
ach tha an t-àm air dol thairis is chan fhaic mi fear d'
eugais
is gus an cuir iad mi san talamh cha dealaich do ghaol
rium,
Mo rùn geal òg.