Mo Rùn-sa Mhaighdeann
Lyrics:
Mo rùn-sa mhaighdeann tha aoigheil, ceanalta,
Thug bhuam mo shnuadh 's a dh'fhàg gruaidhean tana orm;
Do ghruaidhean bòidheach air dhreach nan ròsan
'S do bheul mar neòinean, 's ann dhòmhsa is leannan thu.
Mo rùn-sa mhaighdeann.
'S ann Dimàirt a dh'fhàg sinn Glaschu
A' dol air bòrd air long mhòr nan crannagan;
Bha mi ga stiùireadh 's an fhairge dùmhail
'S mi togail cùrsa air cùlaibh Shrailia.
Mo rùn-sa mhaighdeann.
Grian san dùbhlachd is flùr sa ghailleann thu,
Cha dubh a' ghrian 's cha liath an t-earrach thu;
Do bhilean bòidheach om mìlse pògan
'S gur lìonmhor òigear tha an tòir air Ealasaid.
Mo rùn-sa mhaighdeann.
Tha còig bliadhna deug bhon a' chiad latha chaidh mi
A shiubhal chuantan 's a chuartadh mharannan;
Tha mi gun stòras, gun airgead pòcaid,
'S ann their gu leòr gu bheil mi gòrach, amaideach.
Mo rùn-sa mhaighdeann.