Back
Moladh Chabair Fèidh
Lyrics:
Deoch-slàinte chabar fèidh seo
Gur h-èibhinn 's gur h-aighearach;
Ge fada bho thìr fèin e,
Mhic Dhè, greas ga fhearann e;
Mo chrochadh is mo cheusadh,
Is m' èideadh nar mhealadh mi,
Mur ait leam thu bhith 'g èirigh
Le treun neart gach caraide!
Gur mise chunna sibh gu gunnach,
Ealamh ullamh acfhainneach;
A' ruith nan Rothach 's math ur gnothach,
Thug sibh sothadh maidne dhaibh;
O, cha deach' Cataich air an tapadh,
Dh'fhàg an neart le eagal iad,
Ri faicinn ceann an fhèidh ort
Nuair dh'èirich do chabar ort!
B' e 'n t-amadan Fear Fòghlais,
Rothaich agus Ròsaich
Frisealaich is Granndaich
An campa cha stadadh iad;
'S thug Foirbeisich nan deann-ruith
Gu seann taigh Chuil Lodair orr'
Ri gabhail an ra-treut-a,
Nuair dh'èirich do chabar ort.