Back

Moladh Na Lanndaidh

Lyrics:

Sèist

Hò ro Eileanaich ho gù,
Hò i rithill hò i hù;
Hò ro Eileanaich ho gù,
Gu bheil mo rùn san Lanndaidh.

Chì mi thall ud an Àird Mhòr,
Àit' a' choilich dhuibh 's a' gheòidh.
Àit' mo chridhe is mo ghaoil,
San robh mi aotrom meanmnach.

Ged tha 'n Lanndaidh creagach, ciar,
'S moch a dh'èireas oirre ghrian;
Innis nam bà-laoigh 's nam fiadh;
'S gum b' e mo mhiann bhi thall ann.

Nuair a dh'èirinn moch san àird,
Bheirinn sgrìob do cheann an t-sàil;
Bhiodh na lachan air an t-snàmh,
'S cha b' fhad' am bàs om làimh-sa.

'S tric a leag mi air a' bhruaich
Earba ghlas a' mhuineil ruaidh;
Bhiodh an liath-chearc leam a-nuas,
Is coileach ruadh an dranndain.

'S tric a leag mi air a thaobh
An ròn ballach anns a' Chaol
Eala bhàn a' mhuineil chaoil,
Is coileach fraoich nam beanntan.

O! mo ghaol air Ìle 'n fheòir,
Far an d' fhuair mi m' àrach òg;
Far am bheil na h-uaislean còir:
Bu toigh leo ceòl is dannsadh.