Mòrag Bheag
Lyrics:
Sèist
Mòrag bheag, nighean Mhurchaidh an t-saoir,
's aotrom a dh'fhalbhas i, 's aotrom a dh'fhalbhas i.
Mòrag bheag, nighean Mhurchaidh an t-saoir,
's aotrom a dh'fhalbhas i a phòsadh.
Dè nì mi ma shèideas a' ghaoth
'n oidhche mus falbh sinn, 'n oidhche mus falbh sinn.
Dè nì mi ma shèideas a' ghaoth
'n oidhche mus falbh sinn a phòsadh?
Dh'fhalbhainn leat a Mhiabhaig an Ùig
ged bhiodh e anmoch, ged bhiodh e anmoch.
Dh'fhalbhainn leat a Mhiabhaig an Ùig
ged bhiodh e anmoch is ceò ann.
'S ann thèid mise le mo ghaol
gu Caimbeulach Ùige, gu Caimbeulach Ùige.
'S ann thèid mise le mo ghaol
gu Caimbeulach Ùige a phòsadh.
Cò 'n tè bheag tha danns' air an làr?
Tha bean-na-bainnse, tha bean-na-bainnse.
Cò 'n tè bheag tha danns' air an làr?
Tha bean-na-bainnse 's cha mhòr i.