Back

Mu Choinneamh Cathair Dhè

Lyrics:

Mu choinneamh cathair Dhè gu h-àrd
Tha agam Tagradair gun dìth,
Àrd-shagart mòr, don ainm Gràdh,
Tha 'n còmhnaidh tagradh dhomh gun sgìths.
Tha m' ainm sgrìobhte air A làmh,
Tha m' ainm sgrìobhte air A chrìdh',
Is fhad san Nèamh a nì E tàmh
Cha ghluais aon nì mi bho mo shìth,
Cha ghluais aon nì mi bho mo shìth.

Nuair thàlaidheas Sàtan mi gu bròn
Ag èigheachd rium mum chiont gu geur,
Seallam gu Crìosd, airson mo dheò,
Oir ghlan E m' easaontas gu lèir.
B' ann nuair - gun lochd - a fhuair E bàs
A shaoradh m' anam-sa gu bràth;
Is Dia, le Fhìreantachd an sàs
A' sealltainn Air, 's gam mhaitheadh-sa,
A' sealltainn Air, 's gam mhaitheadh-sa.

Faicibh an t-Uan, dhìr' bhon uaigh
'S e m' fhìreantachd, is m' fhoirfeachd.
Am fìor is mi gu sìorraidh buan
Rìgh glòir' is gràis is soillearachd.
Air m' aonadh Ris, chan fhaigh mi bàs
Le fhuil dham chòmhdachadh mar sgàil'
Tha mi air m' fhalach Leis gu h-àrd,
Le Crìosd, mo Dhia, thug dhomh mo shlàint',
Le Crìosd, mo Dhia, thug dhomh mo shlàint'.