Muile Nam Fuar Bheann Mòr
Lyrics:
O eilean mo rùin tha maiseach don t-sùil,
'S ann ann a chaidh m' àrach òg;
Bu bhòidheach do shnuadh air moch-mhadainn chiùin,
'N àm èirigh don driùchd sna neòil;
'S e nuallan a' chuain a dhùisgeadh mo smuain
Nuair bhithinn gam chlaoidh le bròn,
'S ged tha mi nis uait cho fada thar chuain
Cha tèid thu à m' chuimhne rim bheò.
Gum b' uallach mo cheum san ùr-mhadainn Chèit',
'S mi dìreadh an t-slèibh 's nan tòrr;
Bhiodh cuthag air crann sa ghleannan ud thall,
'S mac-talla ri aithris a beòil;
'S cho fad 's a tha muir-làn a' lìonadh 's a' tràghadh
Bidh Nàdar a ghnàth mar as còir,
'S bu deurach mo shùil nuair thug mi mo chùl
Ri Muile nam fuar-bheann mòr.
O Mhuile nan craobh, gur cùbhraidh do raon
Le muran is fraoch nach gann -
Nan èireadh Clann Phàil gu ceannach is pàigh'dh
Bhiodh pàirceannan làn mar a bh' ann;
'S gur sgaoilteach an t-àl bha coibhneil is blàth
Ri caraid is nàmh san àm
'S tha comann mo rùin a' cnàmh anns an ùir
Sa chlachan tha naomh don clann.
O, b' àlainn leam riamh bhith coimhead 's a' ghrian
A' ciaradh san iar mar òr,
'S Caol Muile mo ghaoil fo dhubhar nan craobh,
'S na luingis a' sgaoileadh sheòl;
'S do mhonaidhean àrd le ceò air am bàrr,
'S na fèidh len cuid àil nan còir;
B' e dùrachd mo chrìdh' bhith tilleadh a-rìs
Do Mhuile nam fuar-bheann mòr.