Murt Ghlinne Comhainn
Lyrics:
Làmh Dhè leinn a shaoghail
Tha thu carach mar chaochladh nan sian,
Nì nach guidheamaid fhaotainn,
Mar na sruthaibh ag aomadh a nìos;
'S i chneadh fèin thar gach adhbhar,
Bhios gach duine ri caoine, 's e tinn,
Breith Mhic Shamhain air saoidhean
Tighinn a ghleachd rinn a taobh cùl ar cinn.
Cha b' i siud an fhuil shalach
Bha ga taomadh mun talamh sa ghleann,
'S a liuthad ùmaigh mar ghearran
A bha cur fùdair na dheannaibh mur ceann;
A Rìgh dhùlaich nan aingeal!
Gabhsa cùram dar n-anam, 's sìth thall;
Chaidh ar cunntas an tainead
Le garbh dhùsgadh na malairt a bh' ann.
Rìgh! gur mis' tha fo airsneul
Ri àm dhomh bhith faicinn ar beann,
'S cha lugha mo chùram
Ri bhith 'g amharc ar dùthchanna thall,
Mur biodh mar thachair,
'S ann leamsa gum b' ait bhith dol ann,
Gus an tàinig a' chreach oirnn
Mar gun tuiteadh a' chlach leis a' ghleann!
Leum an stiùir bhàrr a claiginn
Le muir sùigh 's gun sinn ath-chainnteach dhò,
Dh'fhalbh na croinn, 's na buill-bheairte,
'S leig sinn uallach na slait air an sgòd;
'S bochd an dùsgadh sa mhadainn
Seo, - fhuair sinn gu grad a theachd oirnn',
'S ma gheibh sinn ùine ri fhaicinn
Bheir sinn fùcadh mun seach air a' chlò.