Na Tulaichean
Lyrics:
Bu Ghriogaireach dà rìreadh
À Ruadh-shruth an Gleann Lìomhan
A rinn an ceòl tha rìomhach
Ris canar leinn na Tulaichean.
Sèist
O Thulaichean gu Bhealaichean
'S o Bhealaichean gu Thulaichean
'S mur faigh sinn leann 's na Tulaichean
Gun òl sinn uisge Bhealaichean.
B' ann an Taigh na Sràide
A thug iad ionnsaigh bhàis air
'S mur biodh e ro làidir
Bha ochdnar nàmh ro mhurrach air.
Ach labhair Iain Dubh Geàrr riuth'
"Bha mi anns a' cheàrdaich,
'S cha chrom mi sìos mo cheann duibh
Ged thionndaidh sibh uile rium."
'N sin bhuail iad uil' air còmhladh
'S ged bha Iain Dubh na ònar
Cha b' ann dam buannachd tòiseach
Bha fuil mu shròin a h-uile fir.
'S nuair phaisg e suas a gheur lann
'S a dh'ìoc e mheud 's a dh'èigh e,
Gun tug e 'n sin Srath Spè air
'S bha tè ann a chuir furan air.
Chuir iad cuideachd làidir
An dèidh Iain Dubh Mhic Phàdraig
'S nuair shaoil leoth' e bhith 'n sàs ac'
'S e bàs bh' air a chumadh dhaibh.
Oir thàinig fios an uaigneis
Don t-sabhal 's e na shuain ann:
"Tog ort Iain Duibh, 's bi gluasad,
'S thoir às cho luath 's is urra' dhut."
'S e thuirt a leannan ceutach
"A ghaoil, cuir ort! 'S bi treunmhor
Is dhut bidh mise feumail
Oir bidh mi gad chuideachadh.
"Thoir uidheam dhomh gu sùrdail
Is lìonaidh mi gu dlùth dhut;
'N sin cùmsa, ghràidh, do chùl rium
'S do shùil air na h-uile fear."
Sheall e cia lion bh' ann diubh
Mun rachadh e gun ionnsaidh;
Bha dà fhear dheug is ceannard
Cho teann air 's a b' urra iad.
Chùm e riutha a bhòtach
'S bha Iseabail ga chòmhnadh;
Cha do thàrr iad gus an eòlas
'S ann leòn e gu h-ullamh iad.
Gheàrr e leum gu h-eutrom
Gun ionnsaidh, agus fraoch air,
Cha d' fhàg e ceann air h-aon diù
Thoirt sgeul air an turas ud.
"Mo bheannachd air an t-sealgair
Annad chuirinn earbsa;
'S tu rinn an gnìomh neo-chearbach
'S tu dhearbh a bhith urramach."
Thuirt Iain Dubh 's e tionndadh
"On rinn mi 'n gnìomh bha shannt orm;
Ghaoil, grad thoir deoch den leann domh
'S gun danns mi na Tulaichean.
B' e an t-aighear is an t-aoibhneas
'N àm cruinneachadh ri chèile
Nuair chluinneamaid na teudan
Gan gleusadh do na Tulaichean.
Nam bithinn mar bu ghnàth leam
'S Mac Ailpein a bhith làmh rium,
Bu bhinn leam bhith ga èisteachd
Nuair thàireadh air na Tulaichean."