Back

NicCoiseam

Lyrics:

Sèist

Horo mo chuid chuideachd thu,
Gur muladach leam uam thu,
Horo mo chuid chuideachd thu,
'S mi dìreadh bhann is uchdanan,
B' ait leam thu bhith cuide rium,
'S do chudthrom air mo ghualainn.

Nuair chaidh mi do Ghleann Lòchaidh
'S a cheannaich mi NicCoiseam,
Is mise nach robh gòrach
Nuair thug mi 'n tòir ga fuasgladh.

Thug mi Choire Cheathaich thu
Nuair bha mi fhèin a tathaich ann;
Is tric a chuir mi laighe leat
Na daimh 's na h-aighean ruadha.

Nuair thèid mi ris a' mhonadh
'S tu mo roghainn de na gunnachan,
On fhuair thu fhèin an t-urram sin
Cò nise chumas uat e.

Thug mi thu Bheinn Dòbhrain
An cinneadh na dàimh chrocach;
Nuair theannadh iad ri crònan
Bu bhòidheach leam an nuallan.