Back
Nighean Donn mo Rìbhinn Òg
Lyrics:
Nighean donn mo ribhinn òg,
Nighean donn a' chuailein rìomhaich,
'S iomadh oidhch' is là le chèil'
Bha sinn suaint' an caidreamh gaolach.
Nighean donn mo ribhinn òg.
'S ann mu thuath an tìr nam beann
Fhuair thu d' àrach is do thogail,
Ainnir dhonn nan ciabhan aill',
Aoidheil, càirdeil, ciallach, banail.
Nighean donn mo ribhinn òg.
Cha robh flùran anns a' choill
Bheireadh bàrr ort ann am maise,
Gruaidhean dearg mar dhreach an ròis,
'S muineal caoin nas gil' nan canach.
Nighean donn mo ribhinn òg.